Soria (provincia)
Soria
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Prìomh-bhaile | Soria | ||||
Stèidhichte | 1833 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 10,303 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 95,223 (2014) | ||||
Dlùths | 9.24/km² | ||||
Àireamh fòn | + (975) | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas na Roinne |
'S e provincia na Spàinne a tha ann an Soria (IPA: soɾja). Tha e na laighe ann an Castilla y León, ann an ceann a tuath na dùthcha. 'S e Soria a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Chastilla y León i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Soria fad 10,303km²[3] agus tha 95,223 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 23mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an roinn as lugha a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Burgos, Guadalajara, La Rioja, Segovia agus Zaragoza.[5] 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann connspaideach 's a tha freumh-fhaclachd an ainm. Tha cuid dhen bheachd gur ann à ainm na h'aibhne Duero (Durius ann an Laideann), a tha a' sruthadh tron sgìre. Le sin, dh'atharraicheadh an d gu s fad nan linntean, às aonais an co-fhuaimreag ue anns an Spàinntis.[6] A dh'aindeoin sin, tha cuid eile a' cantainn nach eil an t-ainm idir nas aosda na na meadhan aoisean agus gur mathaid gur ann à so (Gàidhlig: Tùr na Faire) agus ura (Gàidhlig: abhainn) ann am Basgais. Tha teòiridh eile ann a chanas gu robh baile ann o chionn fhada air an robh Oria - bhon ainm Dorios ann an Greugais - a thug ainm dhan sgìre, ged nach eil ach glè bheag de dhaoine a tha a' gabhail ri sin an latha an'diugh. Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.
Bailtean
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
- ↑ Constitución Española de 1978
- ↑ Infoalso
- ↑ Classora
- ↑ Instituto Geográfico Nacional
- ↑ Martínez Hernando M.C., Los Orígenes de la ciudad de Soria