Córdoba, An Spàinn
Córdoba
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | Córdoba | ||||
Sgìre | Andalusia | ||||
Co-chomharran | 37° 53' 05 Tuath 04° 46' 44 Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 125 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 328,547 (2010) | ||||
Dlùths | 2,628.38/km² | ||||
Àireamh fòn | + 00 957 | ||||
Duilleag oifigeil | https://www.cordoba.es/ |
‘S e baile mòr ann an ceann a deas na Spàinne a th’ ann Córdoba (IPA: korðoβa). Thathar dhen bheachd gur e ainm Phoenicianach a th’ann, bho Qorteba (muileann gaoithe)[1] neo Qart Tuba (deagh bhaile).[2] Tha e suidhichte aig 120m os cionn ìre na mara, ri taobh na h-aibhne Guadalquivir,[3], 237km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na dùthcha agus 121km bho Shevilla.[4] Tha 328,547 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile,[5] an treas baile as motha na h-Andalusia agus an 11mh baile na Spàinne.[6]
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]‘S ann gu math connspaideach ‘s a tha freumhan an ainm air sàilleabh nach eil Freumh-fhaclachd na sgìre idir soilleir. Tha a h-uile coltas ann gur ann à Qorteba (Gàidhlig: muileann) no Qart-tuba (Gàidhlig: Baile Math) ann am Foinìsis a th’ ann an t-aimn.[7]A bharrachd air sin, tha an t-iar-leasachan Tartesianais -oba no –uba gu ìre mhath cumanta ann an ceann a deas na Spàinne.[8] Sgrìobhadh قرطبة ann an Arabais, a thug Córdoba dhuinn an lath an-diugh.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[9] Thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach toisichidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936,[10] ged a bha an corr dhen roinne dealas dhan Phoblachd.
Cruinn-eòlas
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir figearan an Riaghlatais, 's e an t-Iuchar is an Lùnastal mìosan as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Córdoba.[11] Tuitidh 605mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 568mm nas lugha na Steòrnabhagh (1173mm)[12] - leis gur e àite uabhasach tioram a th' ann.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Seneca Òg (4 RC/65 AD) - Feallsanaiche.
- Maimonides (1135/1138 - 1204) - Feallsanaiche.
- Gonzalo Jiménez de Quesada (1496/1506/1509 - 1576) -Ceannsaiche.
- Luis de Góngora (1561 - 1627) - sgrìobhadair.
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ González Llana, Manuel: Crónica de la Provincia de Córdoba, Rubio y Compañia, 1867
- ↑ Ramirez y de las Casas-Deza, Luis María: Indicador Cordobés o sea Manual Historico-Topográfico de la ciudad de Córdoba: Diario de Córdoba, 1867
- ↑ Córdoba Patrimonio de la Humanidad[dead link]
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Cunntas-sluaigh na Spàinne
- ↑ Bailtean na Cruinne
- ↑ Ramírez y de las Casa-Deza, Luis María, 1867, Indicador cordobés, ó sea Manual histórico-topográfico de la ciudad de Córdoba, Imprenta, librería y litografía del Diario de Córdoba
- ↑ Schulten, Adolf. Tartessos. Contribución a la historia más antigua de Occidente. Editorial Almuzara. ISBN 84-88586-66-3
- ↑ Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
- ↑ Hurtado V., La Sublevación, 2010, Barcelona: DAU. ISBN 978-84-936625-6-1
- ↑ Aemet
- ↑ Oifis na Sìde